Beul-aithris Ìle
Air an làrach-lìn ùr a tha seo, tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn air dualchas Gàidhlig Ìle anns na bliadhnaichean a chaidh seachad agus anns an latha an-diugh. Tha a' tarraing uisge-beatha, litreachas agus òrain Gàidhlig, cuide ri ceàirdean traidiseanta fhathast mar phàirt den bheatha àbhaisteach anns an eilean, agus leis a' phròiseact a tha seo, tha e fa-near dhuinn dualchas beairteach Gàidhlig Ìle a chlàrachadh, a chruinneachadh agus a ghleidheadh airson an àm ri teachd.

Airson barrachd fiosrachaidh air a' phròiseact carson nach tèid sibh don ceanglaichean air an làimh chlì agus airson blasad de dualchas Gàidhlig Ìle, thèid do na ceanglaichean air an làimh dheis
Leabhar Seanchas Ìle
Tha leabhar Seanchas Ìle a-nis ri fhaotainn air loidhne aig Argyll Publishing.com no bho Ionad Chaluim Chille Ìle. Tha an leabhar air leth seo làn naidheachd, chuimhneachan, leigheas traidiseanta am measg rudan eile, a bha uile cruinnichte airson Seanchas Ìle.




