English | Gàidhlig
Làmh-sgrìobhainnean beòil-aithris

Bogh Mòr aig toiseach an fhicheadamh linn
Bogh Mòr aig toiseach an fhicheadamh linn
Tha làmh-sgrìobhainnean MacLagain na chruinneachadh de bheul-aithris taobh Siar na Gàidhealtachd a chuireadh còmhla aig deireadh an naoidheamh linn deug agus toiseach an fhicheadamh linn. 'S ann à Siorrachd Pheairt a tuath a bha Raibeart Craig MacLagain (1839 - 1919) a chuir an cruinneachadh air dòigh, is bha e na bhall den "Folklore Society" far an robh e an sàs ann an diofar foillseachaidhean bheul-aithris mar "The Evil Eye of the West Highlands" agus "Religio Scotica". Ann an 1893, dh´iarr MacLagain air ministearan agus tidsearan-sgoile ann an Siorrachd Earra-Ghàidheal beul-aithris a chruinneachadh anns na sgìrean aca fhèin agus tha sin a-nis, còmhla ris na cruinneachaidhean eile à taobh Siar na Gaidhealtachd, air a chur còmhla ann am barrachd air 40 leabhar aig Sgoil Eòlas na h-Alba.

Air an duilleig a tha seo gheibh sibh cuid naidheachd, chreideamh agus fiu´ s dòighean còcaireachd a fhuair iad ann an Ìle mar phàirt de chruinneachadh MhicLagain.

Tha an stuth air an làrach-lìn seo dìreach mar a bha e sgrìobhte anns na làmh-sgrìobhainnean fhèin. Tha sinn an comain Sgoil Eòlas na h-Alba airson cead na làmh-sgrìobhainnean seo a chleachdadh.

Putaibh an seo airson barrachd naidheachdan ann am Beurla.

Leth-bhreacan
Uirsgeulachdan Gàidhlig Os-nàdarrach Saobh-chràbhadh
Ionadail Sìthean/Sìthmhearaidh
Each-Uisge
Wilie Wisp
Rudan Fortanach/Mì-Fhortanach

Cuideachadh

Mar a choimheadas sibh air na làmh-sgrìobhainnean:
Tha na làmh-sgrìobhainnean ann an cruth PDF. Airson coimhead air na duilleagan, feumaidh sibh putadh air a' cheangal. An uairsin, fosglaidh duilleag ann an uinneag ùr agus ma tha feum agaibh air faodaidh sibh clò-bhualadh a dhèanadh.


Argyll and Bute Council   Argyll and the Islands Enterprise   EEC   The Nadair Trust   Comumn na Gàilhig   Heritage Lottery Fund

Còraichean ©2006 Seanchas Ìle. Na còraichean uile glèidhte. Làrach-lìn le Ronan Martin.