English | Gàidhlig
Gàidhlig Ìle
Emily a' déanadh còmhradh còmhla ri neach-bratha ionadail Dòmhnall
MacPhaidsein
Emily a' dèanadh còmhradh còmhla ri
neach-bratha ionadail Dòmhnall MacPhaidsein

Bha Gàidhlig air a bruidhinn ann an Ìle na b` fhaide na bha i anns a` mhòr chuid de sgìrean eile ann an Alba. Air an adhbhar seo, tha Gàidhlig Ìle nas fhaisge Gàidhlig na h-Èireann na tha cuid dhualchainntean eile agus mar sin `s e dualchainnt air leth sònraichte a th` ann. A bharrachd air seo, a chionn ´s gu bheil Eilean Ìle dìreach 18 mìltean bho oirthir Aontroim, tha cuid fhacal agus fuaimneachadh nas fhaisge Gàidhlig na h-Éireann na Gàidhlig mu thuath. Mar eisimpleir, leis an fhacal `ceart`, cha bhi am fuaim `s` air a ràdh ann an Ìle mar a tha e ann an cuid dhualchainntean mu thuath. Am bitheantas ged ta, tha Gàidhlig Ìle, gun teagamh, nas coltaiche ri Gàidhlig na h-Alba ann am fuaimneachadh, gràmar agus structair a´chànain, agus bu chòir an dualchainnt shònraichte seo a bhith air a gleidheadh airson na bliadhnaichean ri tighinn.

Liosta Fhacal
Seo agaibh cuid de na faclan, a bha air an cruinneachadh airson Seanchas Ìle, a tha nas cumanta ann an Gàidhlig Ìle na anns na dualchainntean eile. Cha chluinn sibh cuid dhiubh ach ann an Ìle fhèin.

Leth-bhreacan

Liosta faclan

Cuideachadh

Mar a choimheadas sibh air an liosta faclan:
Tha an liosta faclan ann an cruth PDF. Airson coimhead air na duilleagan, feumaidh sibh putadh air a' cheangal. An uairsin, fosglaidh duilleag ann an uinneag ùr agus ma tha feum agaibh air faodaidh sibh clò-bhualadh a dhèanadh.


Argyll and Bute Council   Argyll and the Islands Enterprise   EEC   The Nadair Trust   Comumn na Gàilhig   Heritage Lottery Fund

Còraichean ©2006 Seanchas Ìle. Na còraichean uile glèidhte. Làrach-lìn le Ronan Martin.