
Tràigh Àrd Neimh
Bha Eilean Ìle ann an Siorrachd Earra-Ghàidheal daonnan gu math ainmeil airson na taighean-staile, seallaidhean brèagha agus fiadh-bheatha a tha mu chuairt air, ach a bharrachd air seo, tha an t-eilean na fhear de na sgìrean mu dheireadh far am bi Gàidhlig fhathast ga bruidhinn gu nàdarra am measg nan daoine. Air an eilean, bha cultur nan Gàidheal daonnan gu math cudromach, cha b´ ann dìreach am measg muinntir na sgìre ach a rèir eachdraidh na h-Alba cuideachd.

Iain Og Ìle
Mar eisimpleir, bha Rìoghachd nan Eilean, a bha stèidhichte ann am Port an Eilein ann an Ìle, aig cridhe saoghal politigeach nan Gàidheal bhon treas linn deug. Cuideachd, bha beul-aithris, gu h-àraidh òrain agus bàrdachd, air leth cudromach ann am beatha muinntir an eilein le mòran bhàrd ainmeil a´ moladh tìr, teanga agus cultar an eilein. Bha daonnan ùidh aig muinntir sgoilearach agus muinntir na sgìre anns an dualchas a tha seo, agus bha e air a neartachadh leis an obair chudromach a rinn Iain Òg Ìle, fear de na luchd-tionail na bu riantanaiche a bha ann an Alba a-riamh. Anns an naodhamh linn deug, chuir Iain Òg Ìle seachad iomadh bliadhna a´ cruinneachadh beul-aithris anns an sgìre aige fhèin ann an Ìle agus air feadh na Gàidhealtachd an Iar.
Mar sin, chan e iongnadh a th´ ann gu bheil cànan agus cultar nan Gàidheal fhathast air mhairsinn air an eilean anns an latha an-diugh. A rèir coltais, tha 25% de na 3,500 muinntir a tha a´ fantail air an eilean fhathast a´ bruidhinn Gàidhlig. Ach, gu mì-fhortanach, mar a tha e ann an tòrr sgìrean Gàidhlig, tha àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig a´ dol sìos. ´S e seo an t-adhbhar a tha am pròiseact dualchais againn cho cudromach don eilean.

An eaglais chruinn ann am Bogh Mòr
´S e pròiseact trì bliadhna a th´ ann an Seanchas Ìle is tha e stèidhichte aig Ionad Chaluim Chille Ìle. ´S e a´ phrìomh amas a tha fa-near dhuinn dualchas beairteach Gàidhlig Ìle agus dualchainnt shònraichte Ìle a chruinneachadh agus a chlàrachadh. A bharrachd air sin, tha sin airson Gàidhlig Ìle a bhrosnachadh aig gach ìre den choimhearsnachd agus inbhe na Gàidhlig a leasachadh air an eilean agus air feadh na h-Alba. Tha aon neach air fhastadh làn-thìde mar cho-òrdanaiche a´ phròiseict, agus bidh i ag obair còmhla ri buidhinn shaor-thoilich ionadail, a chruinneachadh agus a chlàrachadh dualchainnt Ìle bho mhuinntir na sgìre, leis an dùil gum bi an dualchainnt shònraichte Ìle air a glèidheadh airson na bliadhnaichean ri tighinn. Bidh an stuth, mar eisimpleir, naidheachdan, òrain, tuairisgeulan air mar a tha Ìle air atharrachadh tro na bliadhnaichean, cuide ri fiosrachadh eachdraidheil eile agus cunntasan beatha de na luchd-bratha, air ath-sgrìobhadh agus air a chumail aig Ionad Chaluim Chille Ìle. Airson èisteachd ri cuid chlàraidhean, putaibh an seo.
Mu Ionad Chaluim Chille Ìle

Ionad Chaluim Chille Ìle
Fhuair Seanchas Ìle taic-airgid bho:
Stòras Dualchais a´ Chrannchur Nàiseanta, Comunn na Gàidhlig Sgeama Cànan sa Coimhearsnachd,
Iomairt Earra-Ghàidheal agus nan Eilean.
Làrach-lìn le Ronan Martin Design.
Susbaint le Emily Edwards.
Dealbhan le Becky Williamson (seallaidhean Ìle) agus dealbhan eachdraidheil le cead bhon Museum of Islay Life.
Tar-sgrìobhaidhean agus eadar-theangachaidhean le Marc Mac An Fhilidh, Dàibhidh Grannd, Mairead Nic Eacharna agus Emily Edwards.

